
"'S e leabhar-fiosrachaidh a tha seo a tha a' toirt cunntas air a h-uile sìon a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a bu chudromaiche ann an litreachas na Gàidhlig, fad leth-cheud bliadhna. Sa chiad earrainn dhen leabhar, gheibhear clàran-innse gach irise dhen ràitheachan. Rinneadh rannsachadh agus deasachadh orra seo. Tha tòrr a bharrachd chom-pàirtichean agus inntrigidhean a nochdadh na bha anns na clàran-innse tùsail. Gheibhear cuideachd fiosrachadh eile an cois inntigridhean a tha a' comharrachadh gnè no genre a' phìos, a' mìneachadh a' chuspair, agus a' soilleireachadh ùghdaran. Anns an dàrna earrainn, tha clàr-amais de dh'ùghdaran agus com-pàirtichean eile. Faodaidh leughadairean a bhith a' rannsachadh dè chuir com-pàirtichean fa leth, a' gabhail a-steach nam bàrd is nan sgrìobhadairean Gàidhlig a b' ainmeile anns an 20mh linn, ris an ràitheachan tro na bliadhnaichean. Aig toiseach an leabhair, tha facal-toisich agus notaichean mun deasachadh. Tha cuideachd ro-ràdh ann le Raghnall MacilleDhuibh anns a bheil cunntas air eachdraidh an ràitheachain agus air an àite shònraichte a bha aige ann an litreachas nan Gàidheal. Bidh an leabhar seo feumail do rannsaichean, oileanaich agus daoine eile a tha ag iarraidh faighinn a-mach mun bheairteas - Dealbh, Rosg is Rann - a thug Gairm don t-saoghal = This Gaelic-language reference work details everything that appeared in Gairm, the most important periodical in Gaelic literature, during its 50 years of existence. The first section contains the contents of each number of the periodical. Editorial work and research was carried out to give an accurate picture of Gairm's contents. Many more contributors and entries appear than in the original contents. Information is also given on the genre of entries, as well as brief explanations of subjects and clarification of authors. The second section is an index of all authors and other contributors. This allows readers to discover what individual contributors - including the most famou
Page Count:
676
Publication Date:
2021-01-01
ISBN-10:
1527246078
ISBN-13:
9781527246072
No comments yet. Be the first to share your thoughts!